Hodnotenie:
Momentálne nie sú žiadne recenzie čitateľov. Hodnotenie je založené na 2 hlasoch.
Bha deagh bhaile aig Luran. Bha beothaichan aige-crodh, caoraich, agus eich.
Agus bha deagh bhàta aige cuideachd. Ach bha aon rud ga bhodraigeadh: bha na sìtheanaich a'tighinn a h-uile oidhche 's bha iad a'goid nam beothaichean aige! Cha robh fhios aige dè dhèanadh e. Ach latha dhe na lathaichean a bha e ag iasgach, thàinig maighdeann-mhara dhan bhàta...
'S e seo té dhe na sgeulachdan as fheàrr le Migi MacNìll, seanchaidh á Baile Sheumais, Siorramachd Bhioctoria, Ceap Breatainn. Thàinig a mhuinntir á Eilean Bharraigh, o chionn còrr is dà chiad bliadhna.
Seo agaibh té dhe na sgeulachdan a chaidh innse do Mhigi nuair a bha e na bhrogach òg-agus tè nach do leig e ás a chuimhne riamh. Mar a thuirt Souter Strachan á Framboise, Ceap Breatainn, „Siud na lathaichean a bha bòidheach; a bhith a'cluinntinn sgeulachdan mar siud! „.
© Book1 Group - všetky práva vyhradené.
Obsah tejto stránky nesmie byť kopírovaný ani použitý čiastočne alebo v celku bez písomného súhlasu vlastníka.
Posledná úprava: 2024.11.13 22:11 (GMT)